An t-Eilean Mu Thuath

Capercaillie

An t-eilean mu thuath, an iomull a' chuain
An t-eilean 's an d'fhuair mi m'àrach
Far an d'fhuair mi 's mi òg bainne fìorghlan ri òl
'S bha m'anam tigh'nn beò 's a' fàs leis

An t-eilean a tuath, an t-eilean tha fuar
'Se Leódhas bho thuath mo ghràidh e
Far nach cluinn mi ri m'bheò bhi sealg no bhi 'g òl
No làmhadh no òrd air an t-Sàbaid

Nach mis' tha gu truagh gu tùrsach 's fo ghruaim
Bho chuir mi ri tuath mo chùlaibh
Nuair choisich i dìan chuir i curs' oirre 'n iar
'S thug dorchadas dhìomsa Mùirneag

Chan eil math domh no stàth bhi tuiream 's a' chàs
Chan aithreachas tràth a th'ann domh
Chan urrainn mi snàmh gu cuideachd mo ghràidh
No coiseachd air tràigh do Leódhas

An t-eilean mu thuath, an iomull a' chuain
An t-eilean 's an d'fhuair mi m'àrach
Far an d'fhuair mi 's mi òg bainne fìorghlan ri òl
'S bha m'anam tigh'nn beò 's a' fàs leis