|
An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-airearachd àird:
Tha torran a'chuain
Mar chualas leams' e nam phàist' -
Gun mhùthadh, gun truas,
A' sluaisreadh gaineamh na tràgh'd;
An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-aitearachd àird.
Gach làd le a stuadh,
Chu luaisgeach, farmadach, bàn,
Na chabhaig gu cruaidh,
'S e gruamach, dosrach gun sgàth;
Ach strìochdaidh a luaths
Aig bruaich na h-uidhe bh'aig càch,
Mar chaochail an sluagh
Bha uair sa bhaile sa tàmh.
Sna coilltean a siar
Chan iarrainn fuireach gu bràth -
Bha m'inntinn 's mo mhiann
A-riamh air lagan a' bhàigh,
Ach iadsan bha fial
An gnìomh, an caidreabh 's an àgh
Air sgapadh gun dhìon,
Mar thriallas ealtainn ro nàmh.
Seileach is luachair,
cluaran, muran is stàrr
Air tachdadh nam fuaran
'N d'fhuair mi iomadh deoch phàit';
Na taobhtaichean fuar
Le buathallan 's cuiseag gum bàrr
'S an deanntagach ruadh
Fàs suas sa chagailt bha blàth.
Ach chunnaic mis' uair
'M bu chunnar beathail an àit',
Le òigridh gun ghruaim
Bha uasal mhodhail nan càil,
Le màtharichean suairc
Làn uaill nan companaich gràidh,
Le caoraich is buar
Air ghluais'd moch-mhadainn nan tràth.
Ag amharc mun cuairt,
Cha dual dhomh gun a bhith 'm pràmh;
Chan fhaic mi an tuath
Dom b' shuaicheant' carthannas tlàth -
Nam fògarraich thruagh,
Chaidh 'm fuadach thairis air sàl,
'S cha chluinn iad gu buan
Mòr-fhuaim na h-ataireachd àird.
Fir-sgiùrsaidh an t-sluaigh,
Cha bhuan iad bharrachd air càch -
Bu chridheil an uaill
Gar rugadh mach gun chion-fàth,
Ach sannt agus cruas,
An duais tha aca mu thràth -
Mòr-dhiomb is droch luaidh
An uaigh le mallachd nan àl.
Ach siùbhlaidh mi uat,
Cha ghluais mi tuilleadh nad dhàil;
Tha m' aois is mo shnuadh
Toirt luaidh air giorrad mo là;
An àm dhomh bhi suaint'
Am fuachd 's an cadal a' bhàis,
Mo leabaidh dèan suas
Ri fuaim na h-ataireachd àird.
|