Chunna mi aig a'chladh an-dè iad,
Le adan dubh orr' s grìan ag
èirigh,
Deàrrsadh dhìtheannan mun casan,
Is fear a' caitheamh
searbh-lèine.
Lasair an dhair, cuan a' seinn,
Dòrtadh fheur, is seasmheachd
bheann,
Comhradh bàsmhòr adan dorcha,
Bàrdachd samhraidh bun-os-cionn.
Latha farsainn fad' air fàire,
Bioball a' losgadh ann an làmhan
Gaoithe
's grèine, 's cuan a' tuiteam
Mar dheise fhalamh air an tràigh ud.
'S tha esan a-nise far a bheil e,
Mo nàbaidh na laighe fon
t-seillean
A' crònan am measg dhìthean milis.
B' e 'm bàs a thug bàs dha
's cha b' e am peileir.
Is grìan a' dòrtadh, cuan a' dòrtadh,
Adan dubh' gu dorch a'seòladh
Air
cuan ròsan mar a dh'fhalbhas
Facail bhochd air làn na
ceòlraidh.