|
Nuair dh'iathas ceò an fheasgair dluth,
Cur smuid air bhàrr nam beann,
'S an crodh bhon innis cnàmh an cìr
Cho sgìth a' tighinn don ghleann;
Nuair bhios a' bhanachag 'm beul na h-oidhch'
Do na laoigh toirt deoch le meòir,
Choinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.
Nuair a bhios a' ghrian san àird an iar
Dol sìos aig crìoch an lò,
'S a' cur a soills air feadh nan sliabh,
'S a sgiamh air dhreach an òir,
'S nuair bhios na caoraich leis na h-uain
Cho suaimhneach aig a' chrò,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.
An uair a bhios coileach ruadh an t-slèibh
Measg gheugan leum cho beò,
'S a' gogail shuas mu bhil na fèith,
'S a chèile fèin na chòir,
'S gach creutair beag mu sgèil nam bruach
Nan suain len àl gun treòir,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.
'S ged a bhitheadh air an fheasgar gruaim
'S an t-slìghe buan gu leòr,
Is tuinn nan loch a' flodraich fuar
Lem fuaim am measg nan còs,
Gun dèan na thug mi dhut le luaidh
An ruaig chur air gach bròn;
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.
|
|