Shiubhail mi mun cuairt nan eilean siar airson 9 làithean. Shiubhail mi comhla ri caraid anns a'chàr agus dh'fhuirich sinn ann an osdailean oigridh agus anns an teanta. Thoisich sinn ann am Barraigh agus chaidh sinn suas tro Uibhist dhan na Hearadh. Bha an t-sìde Albannach agus cha robh mòran chuilleagan ann idir. Bha cothrom Gàidhlig a bhruidhinn agam gach latha agus bha deagh thìde agam gu tùr. Sin na rinn mi:
Diluain, 13mh den Òg-mhìos
Ràinig mi port adhar Dun Eideann beagan ro fhadalach agus bha Mark, caraid à Manchester, a'feitheamh orm. Bha an cabhag oirnn
fhaighinn dhan t-Oban airson an aiseig. Cha do stad sinn air àite sam bith agus ràinig sinn an t-aiseag ceart gu leòr. Sheòl
sinn a-null a Bharraigh. Bha nigheanan Gearmailtis air an aiseag a bha a'coimhead orm gu neònach fad na h-uine. Tha mi
a' smaoineachadh gum faca iad an geansaidh oilthigh Geartmailteach agam ach bhruidhinn mi Beurla ri Mark fad na h-ùine, mar sin
feumaidh gun robh iad troimhe chèile. Rinn iad siot-gàire cuideachd fad na h-ùine agus cha robh sinn a' smaoineachadh gun robh
sin snog idir. Nuair a ràinig sinn Baigh a' Chaisteil bha dùil agam dhol dhan osdail ach thuirt an tè anns an ionad fàiltee
gun robh an t-eilean uabhasach trang agus nach robh àite sam bith aice ach leabaidh is bracaist daor. Ach air sgath's gum b'e
samhradh a th'ann agus gun robh sinn anns an tuath bha i soilleir fhathast agus dhraibh sinn sìos gu Bhatarsaigh far an do
dh'fhuirich sinn ri taobh a'chladaich anns an teanta. Rinn sinn còcaireachd simplidh agus choimhead sinn air an tràigh. 'S e
àite brèagha a bh'ann gun teagamh! Agus cha robh e ro fhuar anns an teanta nas motha.
Dimairt, 14mh den Òg-mhìos
Bha an t-uisge ann nuair a dhùisg sinn agus dh'fhuirich sinn 'san teanta airson greis. Dh'fheuch sinn faighinn a-staigh den osdail
ach cha d'fhuair. Dhraibh sinn mu'n cuairt an eilein agus ged nach robh an t-sìde cho math bha an t-eilean brèagha. Chuir i
iongnadh orm gun robh a h-uile sanas rathaid 'sa Ghàidhlig agus chan eil na h-ainmean Beurla ann ach glè bheag. Bha trioblaid
aig Mark gu dearbh! Chaidh sinn dhan taobh tuath an eilein agus nuair a chunnaic sinn am port-adhair smaoinich sinn gun
tèid sinn ann airson coimhead a bheil an itealan a' nochdadh. Ghabh sinn tì anns a' chafaidh bheag a th'ann agus thàinig an
itealan gu dearbh. Chan e ach itealan beag a th'ann ach tha e cho milis ciamar a thèid e air tìr air an tràigh mhòir. Nochd
e gu math luath! Bha cuid dhaoine a' coimhead cuideachd agus thog iad uile dealbhan ;-)
An uairsin chaidh sinn air ais a Bhaigh a'Chaisteil far an deach sinn dhan taigh-tasgaidh bheag. Tha mòran rud ann mu dheidhinn nan eileanan agus beatha anns na làithean a chaidh. Nuair a bha sinn deiseil cheannaich mi cupa tì agus pìos cèic dhuinn anns a' Ghàidhlig. Bhruidhinn mu beagan Gàidhlig ris na boireannaich a bha gan rèic agus dh'innis iad mu dheidhinn gach daoine Gearmailteach a bha ann a-riamh. Bha iad eòlach air Mìcheal cuideachd. Bha mi uabhasach diuid nuair a thoisich mi bruidhinn ach dh'fhàs mi nas fheàrr an uairsin. Cha robh mi air bruidhinn ri daoine aig a bheil Gàidhlig bho'n ghlùn roimhe. Tha mi a' smaoineachadh gun do thuig mi a' chuid mhòr co-dhiù. Bha mi dìreach cho toilichte gur urrainn dhomh mo Ghàidhlig a chleachdachd agus nach do rinn mi cho dona idir.
Nuair a thill sinn dhan àite fuirich againn dh'fhàs an t-side nas fheàrr. Chaidh sinn air cuairt seachad air trì tràighean brèagha. Thàinig sinn seachad air cearcall cloiche cuideachd ach cha do lorg sinn an dùn a bha air an t-slighe. Thàinig a'ghrian a-mach agus chunnaic sinn na dathan mìorbhalach den uisge agus bha ròn a'cluich 'sa mhuir faisg air a'chladach.

Nuair a ràinig sinn an osdail oigridh ann an Tobar Mhòr cha robh daoine eile ann. An dèidh dhuinn dhol dhan bhuth bheag choisich Mark rud beag air an traigh agus sreap mi fhèin air Teacla. Bha mi air bhith air na beanntan eile an turus mu dheireadh. An toiseach bha mi direach airson beagan coiseachd ach chunnaic mi a' bheinn agus cha b'urrainn dhomh ach dol ann. Bha an t-slighe gu math fada agus cruadh agus mus do ràinig mi am mullach thàinig sgothan agus cha deach mi air gu tùr. Bha i grianach agus teth agus direach sgoinneil. Chunnaic mi Hiort cuideachd. Air an t-slighe air ais bha agam clàr agus compass a chleachdachd oir chan fhaca mi dad sam bith. Ach bha i grianach a-rithist nuair a chaidh mi sios. Bha mi gu math sgith nuair a thill mi aig an osdail agus rinn sinn biadh snog. Thàinig bean an taighe airson airgead fhaighinn agus dh'fheuch mi beagan Gàidhlig a bhruidhinn rithe ach cha robh i cho uabhasach measail air sin. An dèidh an dìneir chaidh sinn sios dhan traigh agus choimhead sinn air dol-fodha na grèine.

Ach bha i beagan doirbh ri innse do Mhark gum b'fhearr leam bhi leam fhèin airson sin. 'S e oidhche air leth brèagha a bh'ann an sin gu dearbh o chionn's gun robh a' ghealach ri faicinn cuideachd.
Diardaon, 16mh dhen Òg-mhìos
Chadail sinn gu fada, ghabh sinn bracaist agus shiubhail sinn a dh'Uibhist a Tuath. Chaidh sinn dhan osdail "Taigh mo Sheanair"
an toiseach airson deanamh cinnteach gum faigh sinn leabaidh airson na h-oidhche. Cha robh bean an taighe ann ach sgrìobh mi
litir dhith 'sa Ghàidhlig gum biodh sinn air ais am feasgar. Chaidh sinn a Loch nam Madadh an toiseach far an do ghabh sinn tì
agus sgòn (a fhuair mi ‚sa Ghàidhlig) aig Taigh Chearsabhadh. Chaidh sinn air adhart gu cearcall cloiche Langais (Pobull Fhinn) far an do
rinn sinn cuairt. Chunnaic sinn dùn bho'n aois cloiche cuideachd agus chòrd sin rium gu mòr. 'Se latha brèagha a
bh'ann cuideachd agus bha sealladh agam air feadh Uibhist a Tuath.
An dèidh sin chunnaic sinn camara obscura faisg air Loch na Madadh agus chaidh sinn dhan traigh Solais.
Bha an gainmheach geal agus an t-uisge soilleir agus gorm. Choisich mi leam fhèin airson cuid uaireanan a thide le briogais goirid agus leine-t orm. Bha i cho brèagha agus blàth!
Nuair a ràinig sinn an osdail thàinig bean an taighe a-mach gu luath a' bruidhinn Gàidhlig rium bho'n astair mus tuirt sinn guth sam bith. Bha i cho measail gun robh Gàidhlig agam agus bhruidhinn sinn beagan. Chaidh mi dhan taigh aice airson paidheadh nas anmoiche agus bhruidhinn sinn airson ùine fhada. Thàinig a mathair agus a piuthair cuideachd a bha uile cho laghach. Nuair a dh'fhalbh mi bha mi cho sunndach agus toilichte gun robh comhradh cho fada againn 'sa Ghàidhlig agus cha robh mi ag iarraidh ach Gàidhlig a bhruidhinn. Bha an osdail snog gu dearbh. Bha cidsin snog agus glan ann agus bha an leabaidh air leth comhfhurtail. An àm dol fogha na grèine ruith Mark is mi fhèin tarsainn na tràighe airson a'ghrian fhaicinn os cionn na mara ach ged a ruith sinn mu 4 mìle cha d'fhuair sinn an t-àite ceart. Bha i snog co-dhiu agus bha na siantan ann an solas bhlath agus bha a'ghealach ri faicinn a-rithist.


Dihaoine, 17mh dhen Òg-mhìos
Bha an t-sìde direach mìorbhalach! Bha cabhag oirnn fhaighinn dhan na Hearadh gu luath o chionn's gun robh mi ag iaraidh na
tràighean fhaicinn anns a'ghrèin. Bha mi air bhith anns na Hearadh roimhe gu tric ach chan fhaca mi na tràighean ann an deagh
thìde a-riamh. Ghabh sinn an t-aiseag bho Bhearnraigh gu'n Òb anns na Hearadh a Deas. Bha an cuairt air a' bhata glè shnog agus
bha mi a' smaoineachadh mu dheidhinn ròn agus rìgh na mara.
Nuair a ràinig sinn na Hearadh dhraibh sinn gu luath chun an Tuath. Ach cha b'urrainn dhuinn dhol ann cho luath air sgath's gum faca sinn Tràigh Sgarasda agus chan urrainn dhuinn dràibheadh seachad.

Choisich sinn air airson leth uair no uair a thìde agus thog mi pailteas de dhealbhan. B' e sin a' chiad tràigh anns na Hearadh a chunnaic mi anns na dàthan sin. Cha b'urrainn dhomh falbh idir. Ach dh'fhalbh sinn mu dheireadh thall oir bha sinn ag iarraidh mullach a' Cliseim a ruigsinn cho fad's a bha sgothan dheth. Ach bha agam ri stad air Tràigh Seilebost cuideachd.

Cheannaich sinn clàr gu luath agus thoisich sinn sreap. Ràinig sinn am mullach gun sgoth agus fhuair sinn sealladh gasda. Bha beagan ceò ann ach cha robh e cho dona. Bha gaoth gu math làidir ann agus bha sinn toilichte seòrsa dùin a lorg far an do ghabh sinn ar biadh. Shreap sinn sios a-rithist agus chuir mi mo chas air creag air leth mùghtach, rinn mi dannsa neònach agus inntinneach, shleamhnaich mi a-rithist is a-rithist gus an do thuit mi sios gu trom air mo ghlùin agus mo làimh. Bha Mark a' smaoineachadh gun deach mo ghoirteachadh gu h-uabhasach ach bha mi ceart gu leòr. Bha mo ghlùin glè ghoirt ged tha agus cha robh a' chorrag as lugha goirt cuideachd. Ach rinn mi an gnothaich faighinn sios na beinne gu cùramach an dèidh dhomh beagan fois a ghabhal an dèidh na h-òillt sin. Nuair a ràinig sinn an càr bha mullach a' Chliseim ann an sgothan. Nach math a rinn sinn!
Dhraibh sinn dhan Tairbeart airson iasg agus slisneagan a cheannachd. Mhothaich mi nach b'urrainn dhomh coiseachd idir an uairsin. Nuair a ràinig sinn an osdail òigridh ann an Reinigeadal bha Alasdair, fear an taighe, ann. Bha e a' bruidhinn ri daoine eile ‚sa Bheurla ach thuirt e "ma tha" gu h-obann. Mar sin bhruidhinn mi Gàidhlig ris nuair a phàigh mi airson na h-oidhche. Dh'ith sinn ar iasg a bha air leth blàsda, agus bhruidhinn mi tuilleadh ri Alasdair 'sa Ghàidhlig. Bha e beagan doirbh ri thuigsinn ach rinn mi ceart gu leòr agus thuig e mise. Bha dithis eile 'san osdail agus buidhean oileanach à Obar Dheathain.
Disathairne, 18mh dhen Òg-mhìos
Bha droch shìde ann agus bha mo ghlùin fiù's nas miosa na an oidhche roimhe. Mar sin chaidh Mark a-mach leis fhèin agus
dh'fhuirich mi ‚san osdail leam fhèin fad an latha. Na bhi duilich! Bha mi toilichte beaga ùine fhaighinn leam fhèin agus
fhuair mi tuilleadh cothruim Gàidhlig a bhruidhinn ri Alasdar. Dh'fhàs mo ghlùin nas fhearr nuair a thoisich mi gluasdadh
is mar sin ghlan mi an taigh gu leòr. Feumaidh daoine anns an osdail sin a dhèanamh, chan eil Alasdair an urra ri sin (?).
Agus air sgath's gur sin an t-osdail as fhèarr leam de càch bu toigh leam sin a dhèanamh. Am feasgar dh'fheuch mi teine a
dhèanamh ach bha duine eile air a thogail agus cha robh sin cho math. Cha d'fhuair adhar gu leòr ann agus cha do losg e idir.
Thàinig Alasdar a-nall co-dhiù agus rinn sinn teine comhla. Anns a' Ghàidhlig. Shuidh e sios air an t-sofa agus bha mi fhèin
nam shuidhe ri taobh an teine air an làr agus bhruidhinn sinn. Bha an t-uisge trom ann agus bha mi toilichte nach robh mi
taobh a-muigh. Thill iad uile (Mark agus dithis eile) dhachaidh agus fear eile a bha beagan neònach ach ‚s e "artist" a
bh'ann. Ghabh sinn mìle cupa tì agus rinn sinn dinear snog. Bha oidhche sàmhach againn ri taobh an teine.
Latha na Sàbaid, 19mh dhen Òg-mhìos
Bha mo ghlùin nas fheàrr ach nuair a chaidh mi sios bho'n leabaidh 'sa mhadainn bhuail mi m'òrdag air an leabaidh fomham agus
bha mi a'smaoineachadh gun do bhris mi e. Ach chuir mi mo bhògan orm agus bha e ceart gu leòr. Chaidh sinn dhan eilean
Sgalpaigh far an do choisich sinn gu taigh solais. Bha an t-sìde brèagha gu leòr agus chòrd an t-eilean rium gu mòr.
Ràinig sinn an taigh solais agus shuidh mi sios air clach air deireadh an tìr agus choimhead mi air a'mhuir. Air an t-slighe
air ais thachair sinn ri cù aig an robh Gàidhlig. Bhruidhinn mi Gàidhlig ris fad na h-uine. Thuirt mi: "A Chù! Thig an-seo!
Càite an tèid sinn?" Sheall e an t-slighe ceart dhuinn agus thuirt mi "'s e cù matha a th'annad! Nach math a rinn thu!" is
mar sin air adhart. Bha spòrs gu leòr agam.
An dèidh sin chaidh sinn dhan Tràigh Losgantìr. Bha an t-sìde air leth brèagha an uairsin agus choisich sinn air an tràigh airson cuid uairean a thìde.

Thog mi tuilleadh dhealbhan cuideachd agus bha sinn nar suidhe anns a'ghrèin airson greis. Ach thàinig acras uabhasach orm agus thill sinn dhachaidh dhan osdail airson biadh a dhèanamh. Bha an osdail gu math trang an oidhche sin agus bha sinn uile nar suidhe comhla anns an rùm-suidhe leis an teine. Bha cothrom fada agus inntinneach againn agus glainne leann ubhail.
Diluain, 20mh dhen Òg-mhìos
Cha robh mi ag iarraidh falbh idir idir air sgath's gu bheil gaol mòr agam air an àite. Chaidh mi dhan taigh Alasdair a-rithist
airson cairtean puist de'n osdail a cheannachd bhuaithe. Bhruidhinn sinn beagan Gàidhlig agus dh'fhàisg e mi mus do dh'fhalbh
mi mu dheireadh thall.
Chuir mi fòn gu Seumas air an rathad gu'n Tairbeart agus choinnich mi e ann. Cha robh sinn air tachairt roimhe ach bha mi toilichte a dh'fhaicinn mu dheireadh thall an-dèidh dhuinn bruidhinn anns an t-seòmar Gàidhlig thar mòran bhliadhnaichean. Chaidh sinn mun cuairt an eilein a Deas anns a'chàr aige fhad's a rinn Mark rudan eile. Bha spòrs gu leòr againn agus cha do bhruidhinn sinn ach Gàidhlig. Bha e beagan doirbh ri thugsinn (ged a tha fiaclan gu leòr aige) ach bha sinn a'gaireachdainn gu tric. Choimhead sinn air tràigh Seilebost agus choisich sinn gu tobhta aig Tràigh Rudsambith anns na Hearadh a Deas.

Rinn Seumas agus mi fhèin fealla-dhà gun sguir agus thog sinn dealbhan. Dhraibh sinn beagan mu'n cuairt an eilein air an rathad òir agus chòrd sin rium air leth math. 'S e latha direach gasda a bh'ann! Mòran taing a-rithist, a Sheumais! Nuair a thill sinn gu'n Tairbeart cha robh Seumas ag iarraidh tì a ghabhail comhla rinn mar sinn ghabh sinn brot, sgòn agus cupa tì mòr leinn fhèin.
Gu mi-fhòrtanach bha againn ri aiseag fhaighinn dhan Eilean Sgitheanach. Bha mi glè thruagh nuair a dh'fhalbh sinn. Dhraibh sinn sios tro'n Chuiraing a Phort Rìgh far an do choinnich sinn Ùna airson dìneir. ‚s e oidhche snog a bh'ann agus bha sinn a'smaoineachadh gun robh i glè shnog. Bha comhradh èibhinn againn ach gu mi-fhòrtanach cha robh ùine aice idir. Dhraibh sinn sios a dh'Armadail agus choisich sinn beagan air feadh Slèite. Bha an oidhche ciùin, soilleir agus blath.Ghabh sinn pinnt air an t-slìghe air ais agus nuair a bha mi ag iarraidh dhol dhan seòmar agam bha an doras duine agus cha robh mi air iuchair fhaighinn. Ach fhuair mi a-steach mu dheireadh thall agus bha a h-uile duine na chadal mar tha.
Dimairt, 21mh dhen Òg-mhìos
Chadail mi gu deich uairean agus nuair a dhùisg mi chuir mi cabhag orm agus rinn sinn bracaist. Bha a h-uile duine eile air
falbh bho'n osdail agus bha mi a'faireachdainn dona. Choinnich mi Ùna a-rithist agus bhruidhinn sinn Gàidhlig airson leth uair
a thìde ged nach robh ùine aice idir. Bha leth uair gasda againn co-dhiù agus chaidh mi airson beagan coiseachd mu'n cuairt
gus an do choinnich mi Mark aig an aiseag. Bha mo ghlùin uabhasach goirt agus cha robh mi airson coiseachd mòran idir.
Ghabh sinn an t-aiseag aig leth uair an-dèidh dà agus dhraibh sinn sios gu Peart. Dh'fhuirich mi ann an Cupar agus ….
Diciadain, 22mh dhen òg-mhìos … dhùisg mi trath, ghabh mi an trean a Dhùn Eideann, cheannaich mi bracaist, tì agus seòclaid agus dh'fhàg mi Alba air an itealan aig aon uair deug.