Sin an duilleag Ghàidhlig agam. Chan eil fhios agam fhathast dè nì mi leatha. Cha bhi eadar-theangachadh ri fhaighinn. 'S docha gun dèan mi cùrsa Gàidhlig an-seo no dìreach ceangail gu duilleagan Gàidhlig no beagan mu dheidhinn a' chànain fhèin. Tha fios agaibh gun do sgrìobh mi rudeigin 'sa Ghàidhlig mu dheidhinn mo shaor-làithean am bliadhna. Tha duilleag Ghàidhlig aig Mona fhathast agus chan eil mòran rud eile ri ràdh mu dheidhinn na Gàidhlig. 'S e cànan brèagha a th' innte co-dhiù.

'S dòcha gun dèan mi seòrsa leabhar-là 'sa Ghàidhlig ach cha bhi ùidh aig duine sam bith sin a leughadh. 'S toigh leam sgrìobhadh 'sa Ghàidhlig gu mòr ach dèn fheum a th' ann mur a thèid sin a leughadh idir. Uill seo agad cuid ceangail a tha inntinneach do shaoghal na Gàidhlig:


Saoghal nam blogaichean

Tha an t-eadar-lìon làn bhlogaichean sna làithean seo. Cha robh mi eòlach air blogaichean idir gu cuid làithean air ais. Ach chuala mi rud inntinneach air an radio mu an deidhinn. Sin na thuirt iad:

O chionn mòran bhliadhnaichean bha daoine a' sgrìobhadh leabhar-là. Cha robh e comasach idir mòran innse mu dheidhinn nan rudan a bhathar a' smaoineachadh gu rùnach. Agus sin carson a sgrìobhadh na daoine an leabhar-là. Sgrìobhadh iad dè bha iad a' smaoineachadh agus a' faireachdainn mu dheidhinn daoine eile agus an t-saoghail. Agus an-diugh tha sin uile gu tur eadar-dhealaichte. Tha e gu math comasach a bhi ag innse dè thathar a' faireachdainn agus a' foillseachadh na beachd. Tha mi a' smaoineachadh gur e an t-eadar-lìon as coireach. Coinnichidh daoine ann an seòmraichean-comhraidh airson bruidhinn mu dheidhinn a h-uile rud gu daoine gun ainm agus gun aghaidh. Agus sgrìobhar an leabhar-là airson a h-uile duine ri leughadh agus thathar an dòchas gum faighear freagairt. Tha sin caran neònach ach 's toigh leam e co-dhiù. 'S e cothrom math a th'ann airson a' Ghàidhlig a chleachdadh. Agus seo taghadh de na daoine a tha a' sgrìobhadh blogaichean anns a' Ghàidhlig: